• 转发
  • 反馈

《An Roghainn》歌词


歌曲: An Roghainn

所属专辑:Elevate

歌手: Fionnag NicChoinnich

时长: 03:32

播放 下载lrc歌词 下载纯文本歌词

An Roghainn

An Roghainn - Fiona Mackenzie[00:00:00]

Choisich mi cuide ri mo thuigse[00:00:01]

A-muigh ri taobh a' chuain[00:00:06]

Bha sinn còmhla ach bha ise[00:00:11]

A' fuireach tiotan bhuam[00:00:17]

An sin thionndaidh I ag ràdha[00:00:23]

A bheil e fìor gun cual[00:00:30]

Thu gu bheil do ghaol geal àlainn[00:00:37]

A' pòsadh tràth Diluain[00:00:42]

Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh[00:00:49]

'Nam bhroilleach reubte luath[00:00:55]

Is thubhairt mi Tha mi cinnteach[00:01:00]

Carson bu bhreug e bhuam[00:01:05]

Ciamar a smaoinichinn gun glacainn[00:01:10]

An rionnag leugach òir[00:01:17]

Gum beirinn oirre 's gun cuirinn I[00:01:23]

Gu ciallach 'na mo phòc[00:01:27]

Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh[00:01:35]

An èiginn chruaidh na Spàinn[00:01:42]

Is ciamar sin bhiodh dùil agam[00:01:47]

Ri aon duais ùir an dàin[00:01:53]

Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon[00:01:58]

Bheag ìosal thioram thlàth[00:02:04]

Is ciamar sin a choinnichinn[00:02:11]

Ri beithir-theine ghràidh[00:02:15]

Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh[00:02:49]

'S mi 'm sheasamh air an àird[00:02:56]

Leumainn à neamh no iutharna[00:03:03]

Le spiorad 's cridhe slàn[00:03:09]

您可能还喜欢Fionnag NicChoinnich的歌曲: